Wednesday 25 July 2012

Maoineachadh de £30,000 airson prògram trèanaidh nan sgoiltean aig FilmG


Victor MacConnell, Cathraiche MG ALBA Maggie Choineagan, Am Prìomh Mhinestear Alex Salmond, Seumas Mehan.


Bidh prògram trèanaidh nan sgoiltean aig FilmG airson na bliadhna-sa a’ tòiseachadh a dh’aithghearr is sin air sgàth an tabhartas maoineachaidh de £30,000 a fhuaras bho Riaghaltas na h-Alba, a thuilleadh air an  £20,000 a gheall Bòrd na Gàidhlig roimhe.  Thèid tòiseachadh air an t-sreath shoirbheachail de bhùthan-obrach fo stiùir Cànan a th’ air a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig air feadh Alba nuair a dh’fhosglas na sgoiltean an dèidh fòrladh an t-samhraidh.

Tha am pròiseact, a tha a-nis sa choigeamh bliadhna, air àrdachadh fhaicinn san àireamh de fhilmichean a tha daoine òga a’ cur a-steach gach bliadhna, agus ann an  2012/13 tha am prògram trèanaidh an dòchas brosnachadh a thoirt dha còrr air an 50 film a bha san roinn 12-17 an-uiridh.

Nì am maoineachadh de £50,000 cinnteach gum bi trèanadh FilmG inbheachdail is farsaing agus gun lean e gu bhith a’ leasachadh filmichean ùra brosnachail a thuilleadh air a bhith a’ misneachadh ginealach ùr de fhilmeadairean Gàidhlig.

Le bhith a’ cuimseachadh air Gàidhlig a chleachdadh ann an suidheachaidhean spòrsail is ùr-ghnàthach, gheibh daoine òga oideachadh ann an sgilean ùra tron chànan.  Bidh an trèanadh a’ gabhail a-steach gach taobh de riochdachadh airson pròiseactan dràma is aithriseach, nam measg leasachadh sgeulachd, sgriobtadh is sgilean cluiche a bharrachd air sgilean eagrachaidh agus ealantas teicnigeach. Togaidh FilmG cuideachd aire a thaobh slighean gu dreuchdan brosnachail dha luchd-labhairt òga na Gàidhlig air feadh na dùthcha.

Ma tha Gàidhlig agad, ’s thu eadar 12 is 17, agus airson gun tadhaladh FilmG air do sgoil nod bhuidheann-òigridh, rach chun an làraich-lìn againn aig  www.filmg.co.uk no cuir fios gu fios@filmg.co.uk

No comments:

Post a Comment