Monday 17 October 2011

THA FILMG A' BROSNACHADH TAGRAIDHEAN FILM BHO THALL THAIRIS

Tha FilmG, co-fharpais nam filmichean goirid Gàidhlig, an dèidh duaisean na bliadhna sa fhoillseachadh, agus nam measg, tha duais ann airson a’ Film Eadar-nàiseanta as Fheàrr”.  Bheirear seo don fhilm Ghàidhlig as fheàrr aig duine sam bith a tha a’ còmhnaidh ann an dùthaich sam bith seach Alba. Gheibhear 2 thiocaid do chuirm nan duaisean ann an Glaschu air 9 Màrt 2012, agus pàighear cosgaisean suas ri £500.

Ann am bliadhnaichean roimhe, fhuaras filmichean goirid bho air feadh an t-saoghail, bho Nuadh Iorc, Alasca agus Ontairio. Tha FilmG ag iarraidh brath a ghabhail air teicneòlasan ùra nam meadhanan sòisealta gus naidheachd a sgaoileadh mun cho-fharpais gus am faighear fiù ’s barrachd am-bliadhna.

Bidh farpaisich eadar-nàiseanta airidh air duaisean eile fhaighinn cuideachd, an leithid Dràma Goirid as Fheàrr”, £1,500 agus Aithris Ghoirid as Fheàrr”, £1,500.  Airson liosta shlàn de na duaisean, faic ar làrach-lìn.

Ma tha seansa gu bhith agad air duais, feumaidh tu film goirid de 3-5 mionaidean a dh’fhaid a dhèanamh anns a’ Ghàidhlig. Mura bheil Gàidhlig agad, bheir FilmG taic le eadar-theangairean is cleasaichean à TàlantG aig a bheil Gàidhlig. Faodar filmichean a chur a-steach air-loidhne tro làrach-lìn FilmG agus chithear na filmichean a fhuair sinn roimhe an sin. Bidh a’ cho-fharpais a’ dùnadh air 6 Faoilleach 2011.

Airson tuilleadh fiosrachaidh cuir fios gu Flòraidh Forrest, Manaidsear Pròiseact FilmG aig fios@filmg.co.uk.  

’S e ‘Air an Stairsich’ cuspair na bliadhna sa.


Friday 14 October 2011

DÀ DHUAIS ÙR AIG FILMG AM-BLIADHNA

Tha FilmG air na duaisean aige fhoillseachadh am-bliadhna. Gheibhear an dà dhuais as motha luach £1,500 airson an Dràma Goirid as Fheàrr agus Aithris Ghoirid as Fheàrr air leth. Cuideachd, gheibhear duaisean airson a’ Film Goirid Coimhearsnachd agus Film Eadar-nàiseanta as Fheàrr.
Jenny is Alasdair Foirbeis aig Cuirm nan Duaisean FilmG 2011
Thathar an dòchas gun cuir na duaisean daoine gu filmeadh, oir tha cuid dhiubh air an fheadhainn as fheàrr san dùthaich airson co-fharpais do dh’ fhilmichean goirid. ’S fhiach an aire a thoirt gu h-àraidh don duais sgoinneil luach £1,000 airson a’ Film Coimhearsnachd as Fheàrr, a tha a’ tomhadh air filmeadaireachd freumhaichte ann an coimhearsnachdan. 


Thèid duais a thoirt don Fhilm Ghoirid Ghàidhlig Eadar-nàiseanta as fheàrr aig duine sam bith ann an dùthaich eile seach Alba. Gheibh am buannaiche dà thiocaid do chuirm nan duaisean sa Mhàrt, le cosgaisean siubhail suas ri £500. Leis an duais seo, tha dòchas aig FilmG gum faighear buannachd à ùidh sa Ghàidhlig thall thairis a tha a’ sìor dhol am meud. Anns na beagan bhliadhnaichean roimhe, chuireadh filmichean goirid a-steach bho àiteachan cho fad às ri Iorc Nuadh, Alàsca agus Ontario.
Acadamaidh Allt a' Mhuilinn aig Cuirm nan Duaisean FilmG 2011
’S e £1,000 an duais as motha a gheibhear san roinn 12-17 airson Film as Fheàrr agus cuiridh an Cleasaiche as Fheàrr latha seachad air an seat aig prògram BBC ALBA.


Ma tha ùidh agad ann a bhith a’ cur a-steach don fharpais, cha leigear a leas ach film goirid Gàidhlig de 3-5 mionaidean a dh’fhaid a dhèanamh. Bidh a’ cho-fharpais a’ dùnadh air an 6mh den Fhaoilleach 2011.


Airson liosta shlàn de na duaisean agus fiosrachadh air trèanadh, faic: www.filmg.co.uk/en/prizes.