Wednesday 25 July 2012

Maoineachadh de £30,000 airson prògram trèanaidh nan sgoiltean aig FilmG


Victor MacConnell, Cathraiche MG ALBA Maggie Choineagan, Am Prìomh Mhinestear Alex Salmond, Seumas Mehan.


Bidh prògram trèanaidh nan sgoiltean aig FilmG airson na bliadhna-sa a’ tòiseachadh a dh’aithghearr is sin air sgàth an tabhartas maoineachaidh de £30,000 a fhuaras bho Riaghaltas na h-Alba, a thuilleadh air an  £20,000 a gheall Bòrd na Gàidhlig roimhe.  Thèid tòiseachadh air an t-sreath shoirbheachail de bhùthan-obrach fo stiùir Cànan a th’ air a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig air feadh Alba nuair a dh’fhosglas na sgoiltean an dèidh fòrladh an t-samhraidh.

Tha am pròiseact, a tha a-nis sa choigeamh bliadhna, air àrdachadh fhaicinn san àireamh de fhilmichean a tha daoine òga a’ cur a-steach gach bliadhna, agus ann an  2012/13 tha am prògram trèanaidh an dòchas brosnachadh a thoirt dha còrr air an 50 film a bha san roinn 12-17 an-uiridh.

Nì am maoineachadh de £50,000 cinnteach gum bi trèanadh FilmG inbheachdail is farsaing agus gun lean e gu bhith a’ leasachadh filmichean ùra brosnachail a thuilleadh air a bhith a’ misneachadh ginealach ùr de fhilmeadairean Gàidhlig.

Le bhith a’ cuimseachadh air Gàidhlig a chleachdadh ann an suidheachaidhean spòrsail is ùr-ghnàthach, gheibh daoine òga oideachadh ann an sgilean ùra tron chànan.  Bidh an trèanadh a’ gabhail a-steach gach taobh de riochdachadh airson pròiseactan dràma is aithriseach, nam measg leasachadh sgeulachd, sgriobtadh is sgilean cluiche a bharrachd air sgilean eagrachaidh agus ealantas teicnigeach. Togaidh FilmG cuideachd aire a thaobh slighean gu dreuchdan brosnachail dha luchd-labhairt òga na Gàidhlig air feadh na dùthcha.

Ma tha Gàidhlig agad, ’s thu eadar 12 is 17, agus airson gun tadhaladh FilmG air do sgoil nod bhuidheann-òigridh, rach chun an làraich-lìn againn aig  www.filmg.co.uk no cuir fios gu fios@filmg.co.uk

Monday 16 July 2012

FILMG AGUS DUAISEAN NAN TRADS AIR AN AINMEACHADH AIRSON DUAISEAN TACHARTASAN NA H-ALBA 2012

Tha MG ALBA air fàilte a chur air an naidheachd gu bheil FilmG agus Duaisean nan Trads air an ainmeachadh ann an dà ghnè eadar-dhealaichte ann an Duaisean Tachartasan na h-Alba 2012, a chaidh fhoillseachadh air Diardaoin 12 Iuchar.


Chaidh FilmG ainmeachadh air geàrr-liosta mar an Tachartas Culturach as Fheàrr agus chaidh Duaisean nan Trads MG ALBA ainmeachadh mar an Tachartas Traidiseanta as Fheàrr. Tha seo a’ leantainn air an naidheachd gun deach Duaisean nan Trads MG ALBA ainmeachadh air geàrr-liosta airson Duaisean Ealain agus Gnìomhachas na h-Alba an t-seachdain seo chaidh.


‘S e FilmG am farpais airson filmichean goirid Gàidhlig aig MG ALBA, a tha air a lìbhrigeadh le Cànan às leth MG ALBA.


Michelle McManus (meadhan) le cuid den fheadhainn a bhuannaich

Thòisich an fharpais ann an 2008 agus tha còrr is 250 film air an cur a-steach bhon uair sin. Gheibhear tuilleadh fios mu FilmG agus na filmichean air www.filmg.co.uk

Duaisean Nan Trads MG ALBA 2011 ann am Peairt

Thòisich Na Trads ann an 2002 agus ’s e Hands up for Trad a tha ga chur air dòigh. Tha MG ALBA air a bhith na phrìomh chompanaidh ghoistidheachd air Na Trads bho 2008.


Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-oifigear MG ALBA: “Tha seachdain uabhasach soirbheachail air a bhith againne agus aig na buidhnean a tha ag obair air FilmG agus Na Trads. Tha sinn air leth toilichte leis an naidheachd mu Dhuaisean Tachartasan na h-Alba agus tha sinn a’ cur meal a naidheachd air Cànan agus Hands up for Trad airson an obair ionmholta a tha iad a’ dèanamh còmhla rinn airson ar cànan agus cultar a thoirt gu daoine sean agus òg tro cheòl is film ann an coimhearsnachdan air feadh Alba”.


Seo an ceathramh bliadhna airson Duaisean Tachartasan na h-Alba a tha air a ruith ann an co-bhanntachd le EventScotland agus thèid Duaisean 2012 a thoirt seachad ann an Glaschu air Diardaoin 6mh Sultain.