Friday 16 September 2011

GRUNN STIÙIRICHEAN IS CHLEASAICHEAN AINMEIL NAN TAIC DO BHUIDHNEAN-OBRACH FILMG



Ann am buidhnean-obrach FilmG na bliadhna sa, bha oidean gu leòr deiseil air daoine a stiùireadh tron deireadh-seachdain. Oidean a th’ air obair air cuid de na prògraman Tbh as fheàrr a th’ ann an Alba, an leithid Eòrpa, Still Game, Chewin’ the Fat, The Culture Show agus Hamish MacBeth.

Ghabh na buidhnean-obrach àite ann an Sabhal Mòr Ostaig, san Eilean Sgitheanach thairis air Disathairne 27mh agus Didòmhnaich 28mh an Lùnastal le cothrom sgoinneil ga chur an tairgse còrr is 25 filmeadairean ùra sgilean deatamach ionnsachadh bho am fìor luchd-proifeiseanta.

















Thuirt Mìcheal Hines, a bha na stiùiriche air Still Game is River City: Tha e sgoinneil a bhith air ais an seo a’ toirt seachad na th’ agam de dh’eòlas do dh’iomadach duine. Tha e soilleir dhomhsa gu bheil FilmG a’ sìor fhàs nas treasa.”

Bha car ùr sa ghnothach oidhche Shathairne nuair a thàinig oidean còmhla gus sealladh a chlàradh air beulaibh nan com-pàirtichean. Thug an sàr leasan seo còmhla mòran de na sgilean a bhathar a’ teagasg sna seiseanan fa leth tron deireadh-seachdain, agus chuir seo an cèill suidheachadh nan rudan a bha com-pàirtichean air a bhith ag ionnsachadh.
















Thuirt Raonaid Cheanadach às a’ Bhac, Leòdhas, a tha air cùrsa cleasachd ann an Oilthigh Taobh Siar na h-Alba, ’s a bha a’ gabhail pàirt sna buidhnean-obrach: “Is e cothrom air leth a bh’ ann am FilmG a bhith ag ionnsachadh bho lìonra san robh iomadach duine dealasach, ealanta. Bha an t-àite fhèin cho brosnachail. Leis na h-uimhir de bhuidhnean-obrach a bha ann, dh’fhàgadh againn tòrr sgilean ùra, agus misneachd is spionnadh gus film a dhèanamh. Mholainn le m’ uile chridhe iad do dhuine sam bith.”

Tuesday 13 September 2011

Dè tha ‘Air an Stairsich’ a’ ciallachadh dhutsa?

’S e ‘Air an Stairsich’ cuspair FilmG am-bliadhna. Nar beachd-sa, ’s e deagh chuspair a tha seo airson do mhac-meanmna a phiobrachadh, agus freagarrach airson an dà chuid dràma agus aithriseachd.


Ach dè dìreach a tha ‘Air an Stairsich’ a’ ciallachadh dhutsa?
  • mar a tha gu litireil sa Bheurla, air leac an dorais?
  • an rathad, ge be dè cho fada, suas don taigh?
  • aig toiseach gnothaich no slighe ùir?
  • air iomall an t-saoghail?
Tha iomadh dòigh anns am faodadh tu mìneachadh a dhèanamh air ‘Air an Stairsich’ agus tha sinn airson ur beachdan uile fhaicinn ann am film goirid.


Carson nach toir thu sùil air an làrach-lìn airson tuilleadh bheachdan fhaighinn air cuspair FilmG.