Thursday 23 February 2012

MICHELLE MCMANUS NA PREASANTAIR AIG DUAISEAN NÀISEANTA FILMG

FAODAIDH AM MÒR-SHLUAGH TICEADAN DON CHUIRM FHAIGHINN A-NIS

Thèid cuirm duaisean FilmG a chumail le MG ALBA an ath-mhìos (9 Màrt 2012), ann an The Old Fruitmarket, Glaschu, agus i a’ taisbeanadh tàlant filmichean Gàidhlig na bliadhna.

Tha an tachartas seo air cliù a chosnadh ann am bliadhna nan gnìomhachasan cruthachail is craolaidh agus tha àireamh chuibhrichte de thiceadan ri fhaighinn a-nis a leigeas le daoine tachairt ri rionnagan telebhisean na h-Alba is muinntir a’ ghnìomhachais agus ri cuid a riochdairean is cleasaichean nam bliadhnaichean ri teachd.

Bidh aoighean sònraichte ann airson duaisean a thoirt seachad, a leithid an seinneadair is preasantair telebhisean, Michelle NicMhanais, a tha air tòiseachadh air Gàidhlig ionnsachadh on a rinn BBC ALBA prògram aithriseach ma deidhinn is a tha na ball de Chòisir Gàidhlig Baile Ghobhainn a-nis.

Cuide ri Michelle, bidh an cleasaiche is riochdaire, Tony Kearney, agus neach-aithris na sìde air STV, Sean Batty, a’ toirt dhuaisean seachad.

Bidh Fiona NicCoinnich, neach-aithris BBC ALBA, agus Sarah Cruickshank, neach-aithris na sìde air BBC Birmingham, nam mnathan an taighe a-rithist aig cuirm na bliadhna sa mar a rinn iad an-uiridh.

Bidh an neach-aithris telebhisein, Anna Mhoireasdan, a’ toirt dà dhuais seachad ann an roinn nan inbheach, cuide ri dithis à Dè a-nis?, Siobhan NicAonghais is Derek Mac an Tòisich, a bheir duaisean seachad ann an co-fharpais 12-17.

A thuilleadh air na preasantairean sònraichte, cuiridh an còmhlan sgoinneil traidiseanta/ùr-nodha, ‘Donald MacDonald & the Islands’, an oidhche air chois leis an òran aca, ‘Blown Away’ agus bidh iad gar cumail ann an deagh shunnd air feadh na cuirme.

Bu mhòr am beud nan cailleadh sibh an oidhche sa. Tha ticeadan ri fhaotainn a-nis do na ciad daoine a bhios gan iarraidh, mar sin, cuiribh fios gu Katie.macleod@mgalba.com ma tha sibh ag iarraidh thiceadan airson na cuirme cliùitich seo.

Thursday 2 February 2012

GEÀRR-LIOSTA CO-FHARPAIS NÀISEANTA FILMICHEAN GÀIDHLIG GA FHOILLSEACHADH

Tha FilmG, co-fharpais nàiseanta filmichean goirid Gàidhlig aig MG ALBA, air geàrr-liosta nam filmichean fhoillseachadh, a thèid air adhart do chuirm nan duaisean an ath mhìos ann an Old Fruitmarket, Glaschu. An dèidh 76 filmichean (an àireamh as motha) fhaighinn às Alba air fad agus nas fhaide air falbh, bha obair dhoirbh ann do na britheamhan a' taghadh na feadhna as fheàrr anns gach roinn. Am measg nam britheamhan, bha luchd-gnìomha BBC ALBA agus eòlaichean film is telebhisein a leithid Chris Young, na riochdaire air an fhilm, 'The Inbetweeners' agus Tony Kearney a bha na chleasaiche ann an 'River City' is a tha a-nis na riochdaire/stiùiriche.

Thug na filmichean ann an roinn 12-17 gu sònraichte buaidh mhòr air na britheamhan agus thuirt an riochdaire, Mòrag Stiùbhart: “Bha e air leth doirbh dhuinn a bhith a' taghadh ceithir filmichean a-mhàin anns gach roinn, gu h-àraid on a bha an uiread sin de fhilmichean, agus air sàilleabh 's gu bheil mi air obair a dhèanamh air pròiseactan sna meadhanan cuide ri mòran de na sgoiltean, tha fhios agam na bha an sàs ann a bhith a' dèanamh nam filmichean. Bidh cuirm nan duaisean am bliadhna glè tharraingeach on a tha filmichean air leth anns gach roinn,”

Thuirt ceannard MG ALBA, Dòmhnall Caimbeul: “Tha co-fharpais na bliadhna sa air mòran toileachais a thoirt dhuinn on a fhuair sinn an àireamh a bu mhotha de fhilmichean agus filmichean math agus cruthachail air cuspair na bliadhna sa 'Air an Stairsnich'.
“Tha e air leth brosnachail gu bheil sean is òg a' cur a-steach don cho-fharpais, Gàidheil is luchd-ionnsachaidh, ann an Alba agus nas fhaide air falbh, agus bu mhath leinn iarraidh air daoine an cuid taic a thoirt do mhuinntir a' gheàrr-liosta le bhith a' coimhead nam filmichean air-loidhne.”
Tha a h-uile film a chaidh a chur a-steach dha FilmG am bliadhna agus filmichean a' gheàrr-liosta ri fhaicinn air làrach-lìn FilmG aig www.filmg.co.uk

Thèid cuirm chliùiteach nan duaisean a chumail ann an Old Fruitmarket, Glaschu, Dihaoine 9 Màrt, far am bi an còmhlan ùr sgoinneil 'Donald MacDonald & the Islands' a' cluich agus aoighean sònraichte ann airson na duaisean a thoirt seachad.