Thug na filmichean ann an roinn 12-17 gu sònraichte buaidh mhòr air na britheamhan agus thuirt an riochdaire, Mòrag Stiùbhart: “Bha e air leth doirbh dhuinn a bhith a' taghadh ceithir filmichean a-mhàin anns gach roinn, gu h-àraid on a bha an uiread sin de fhilmichean, agus air sàilleabh 's gu bheil mi air obair a dhèanamh air pròiseactan sna meadhanan cuide ri mòran de na sgoiltean, tha fhios agam na bha an sàs ann a bhith a' dèanamh nam filmichean. Bidh cuirm nan duaisean am bliadhna glè tharraingeach on a tha filmichean air leth anns gach roinn,”
Thuirt ceannard MG ALBA, Dòmhnall Caimbeul: “Tha co-fharpais na bliadhna sa air mòran toileachais a thoirt dhuinn on a fhuair sinn an àireamh a bu mhotha de fhilmichean agus filmichean math agus cruthachail air cuspair na bliadhna sa 'Air an Stairsnich'.
“Tha e air leth brosnachail gu bheil sean is òg a' cur a-steach don cho-fharpais, Gàidheil is luchd-ionnsachaidh, ann an Alba agus nas fhaide air falbh, agus bu mhath leinn iarraidh air daoine an cuid taic a thoirt do mhuinntir a' gheàrr-liosta le bhith a' coimhead nam filmichean air-loidhne.”
Tha a h-uile film a chaidh a chur a-steach dha FilmG am bliadhna agus filmichean a' gheàrr-liosta ri fhaicinn air làrach-lìn FilmG aig www.filmg.co.uk Thèid cuirm chliùiteach nan duaisean a chumail ann an Old Fruitmarket, Glaschu, Dihaoine 9 Màrt, far am bi an còmhlan ùr sgoinneil 'Donald MacDonald & the Islands' a' cluich agus aoighean sònraichte ann airson na duaisean a thoirt seachad.
No comments:
Post a Comment