Tuesday 6 December 2011

AIR STAIRSNICH CEANN-LÀ FILMG – MÌOS A-MHÀIN RI DHOL!

Chan eil ach mìos ri dhol gus an tig ceann-là FilmG, co-fharpais nam filmichean goirid aig MG ALBA, ach tha ùine gu leòr ann airson film Goirid a dhèanamh a rèir sgioba FilmG.

Tha FilmG an dùil ri tòrr a bharrachd fhilmichean am bliadhna, gu h-àraidh ann an roinn 12-17, is sgioba FilmG trang a’ siubhal air feadh na dùthcha a’ cuideachadh nan sgoiltean le an cuid filmeadaireachd.

An-uiridh, fhuair a’ cho-fharpais 71 film agus 34 ann an roinn nan inbheach agus 37 ann an roinn 12-17.

Tha na filmichean às na sgoiltean làn muirt, dìomhaireachd, teagamh agus, mar is àbhaist, beagan fealla-dhà. Tha muncaidh glic a tha a’ cruthachadh stuth glanaidh ùr a’ nochdadh san fhilm aig Àrd-sgoil a’ Phluic agus Bodach na Nollaig san fhilm aig Àrd-sgoil Loch Abar ‘s iad air Dragon’s Den Gàidhlig a chruthachadh.

Thathar cuideachd an dùil ri barrachd inntrigich airson na duais ‘Film Oileanaich as Fheàrr’ leis a’ chuspair, ‘Air an Stairsnich’, a’ brosnachadh mac-meanmainn fhilmeadairean air feadh na dùthcha agus duais àraid de ghreis-ghnìomhachais ann cuide ri companaidh riochdachaidh fad mìos.

Tha buidhnean coimhearsnachd cuideachd air am brosnachadh gus film a dhèanamh agus duais luach £1,000 airson ‘Geàrr-Aithris Choimhearsnachd as Fheàrr’. Tha Buidheann Dràma Uibhist air aon de na buidhnean a tha an dùil ri film a dhèanamh airson co-fharpais na bliadhna sa.

Thuirt Flòraidh Forrest bho FilmG: “Bliadhna às dèidh bliadhna tha FilmG air a bhith soirbheachail ann an tarraing a-steach barrachd fhilmichean bho air feadh na dùthcha agus thall thairis agus coltas ann gum faigh a’ cho-fharpais fada a bharrachd a-rithist am bliadhna. Gach bliadhna tha sinn air tòrr misneachd fhaighinn bhon uidhir de bhlàths-inntinn sa cho-fharpais is mhac-mheanmainn am measg filmeadaireachd Ghàidhlig. Ma tha thu fhathast a’ smaoineachadh air film a chur a-steach tha pailteas ùine agad is mìos ri dhol gus an ceann-là agus tòrr ghoireasan taice air loidhne airson do chuideachadh.”

Mar as  àbhaist, thathar an dùil gum bi na filmichean aig ìre àrd agus bidh iad uile rim faicinn air loidhne nuair a dhùineas a’ cho-fharpais. Thèid na filmichean a bhuannaicheas fhoillseachadh aig cuirm dhuaisean FilmG anns an Old Fruitmarket, Glaschu, 9 Màrt 2012.

Ma tha thu fhathast a lorg dùsgadh-inntinn, faodaidh tu na geàrr-liostaichean is na filmichean air fad a ghlèidh anns na bliadhnaichean a dh’fhalbh a choimhead air loidhne.

Airson cothrom fhaighinn air duaisean mìorbhaileach a bhuannachadh agus a dhol gu cuirm nan duaisean, chan fheum thu ach film goirid 3-5 mionaidean a dh’fhaid a dhèanamh agus a chur a-steach air an làraich-lìn againn, www.filmg.co.uk ro 6 Faoilleach 2012. Mura h-eil Gàidhlig agad, gheibh thu taic troimh TàlantG, buidheann de luchd-labhairt na Gàidhlig a tha deiseil is deònach gus do chuideachadh le eadar-theangachadh, guthan-aithris agus cleasachd.

Monday 14 November 2011

Bùth-obrach Beul a’ Chamara FilmG 2011


An robh ùidh agad riamh ann an cleasachd no preseantadh?

Ma bha, seo cothrom dhutsa na sgilean agad fheuchainn air beulaibh a’ chamara!  Bidh am bùth-obrach seo aig FilmG air a chumail aig Sabhal Mòr Ostaig air 18 Samhain 2011.  Bidh an tachartas fad an là seo a toirt a-steach preseantadh agus cleasachd, a’ toirt dhut cothrom nochdadh air beulaibh a’ chamara agus stiùireadh agus comhairle fhaighinn bho dhithis phroifeiseantaich às a’ ghnìomhachas.  

Le còrr is 30 bliadhna air a cur seachad ag obair ann an craoladh, tha an riochdaire Mòrag Stiùbhart làn eòlach air ciamar a bheir i air preseantairean proifeiseanta agus feadhainn ùra an dìcheall a dhèanamh.  










Rinn Artair Dòmhnallach cleasachd aig an RSAMD agus bhon uair sin tha e air iomadh caractar a chur an gnìomh air prògraman mar Mhachair, Eilbheas agus Màiri Mhòr.  Tha e an-dràsta ag obair aig Sabhal Mòr Ostaig na Neach-ealain Dràma air Mhuinntireas.  

Tha am bùth-obrach an-asgaidh agus fosgailte don h-uile duine.  Airson clàradh, cuir fios gu Flòraidh Forrest air 01471888508 no floraidh@canan.co.uk. 

Monday 17 October 2011

THA FILMG A' BROSNACHADH TAGRAIDHEAN FILM BHO THALL THAIRIS

Tha FilmG, co-fharpais nam filmichean goirid Gàidhlig, an dèidh duaisean na bliadhna sa fhoillseachadh, agus nam measg, tha duais ann airson a’ Film Eadar-nàiseanta as Fheàrr”.  Bheirear seo don fhilm Ghàidhlig as fheàrr aig duine sam bith a tha a’ còmhnaidh ann an dùthaich sam bith seach Alba. Gheibhear 2 thiocaid do chuirm nan duaisean ann an Glaschu air 9 Màrt 2012, agus pàighear cosgaisean suas ri £500.

Ann am bliadhnaichean roimhe, fhuaras filmichean goirid bho air feadh an t-saoghail, bho Nuadh Iorc, Alasca agus Ontairio. Tha FilmG ag iarraidh brath a ghabhail air teicneòlasan ùra nam meadhanan sòisealta gus naidheachd a sgaoileadh mun cho-fharpais gus am faighear fiù ’s barrachd am-bliadhna.

Bidh farpaisich eadar-nàiseanta airidh air duaisean eile fhaighinn cuideachd, an leithid Dràma Goirid as Fheàrr”, £1,500 agus Aithris Ghoirid as Fheàrr”, £1,500.  Airson liosta shlàn de na duaisean, faic ar làrach-lìn.

Ma tha seansa gu bhith agad air duais, feumaidh tu film goirid de 3-5 mionaidean a dh’fhaid a dhèanamh anns a’ Ghàidhlig. Mura bheil Gàidhlig agad, bheir FilmG taic le eadar-theangairean is cleasaichean à TàlantG aig a bheil Gàidhlig. Faodar filmichean a chur a-steach air-loidhne tro làrach-lìn FilmG agus chithear na filmichean a fhuair sinn roimhe an sin. Bidh a’ cho-fharpais a’ dùnadh air 6 Faoilleach 2011.

Airson tuilleadh fiosrachaidh cuir fios gu Flòraidh Forrest, Manaidsear Pròiseact FilmG aig fios@filmg.co.uk.  

’S e ‘Air an Stairsich’ cuspair na bliadhna sa.


Friday 14 October 2011

DÀ DHUAIS ÙR AIG FILMG AM-BLIADHNA

Tha FilmG air na duaisean aige fhoillseachadh am-bliadhna. Gheibhear an dà dhuais as motha luach £1,500 airson an Dràma Goirid as Fheàrr agus Aithris Ghoirid as Fheàrr air leth. Cuideachd, gheibhear duaisean airson a’ Film Goirid Coimhearsnachd agus Film Eadar-nàiseanta as Fheàrr.
Jenny is Alasdair Foirbeis aig Cuirm nan Duaisean FilmG 2011
Thathar an dòchas gun cuir na duaisean daoine gu filmeadh, oir tha cuid dhiubh air an fheadhainn as fheàrr san dùthaich airson co-fharpais do dh’ fhilmichean goirid. ’S fhiach an aire a thoirt gu h-àraidh don duais sgoinneil luach £1,000 airson a’ Film Coimhearsnachd as Fheàrr, a tha a’ tomhadh air filmeadaireachd freumhaichte ann an coimhearsnachdan. 


Thèid duais a thoirt don Fhilm Ghoirid Ghàidhlig Eadar-nàiseanta as fheàrr aig duine sam bith ann an dùthaich eile seach Alba. Gheibh am buannaiche dà thiocaid do chuirm nan duaisean sa Mhàrt, le cosgaisean siubhail suas ri £500. Leis an duais seo, tha dòchas aig FilmG gum faighear buannachd à ùidh sa Ghàidhlig thall thairis a tha a’ sìor dhol am meud. Anns na beagan bhliadhnaichean roimhe, chuireadh filmichean goirid a-steach bho àiteachan cho fad às ri Iorc Nuadh, Alàsca agus Ontario.
Acadamaidh Allt a' Mhuilinn aig Cuirm nan Duaisean FilmG 2011
’S e £1,000 an duais as motha a gheibhear san roinn 12-17 airson Film as Fheàrr agus cuiridh an Cleasaiche as Fheàrr latha seachad air an seat aig prògram BBC ALBA.


Ma tha ùidh agad ann a bhith a’ cur a-steach don fharpais, cha leigear a leas ach film goirid Gàidhlig de 3-5 mionaidean a dh’fhaid a dhèanamh. Bidh a’ cho-fharpais a’ dùnadh air an 6mh den Fhaoilleach 2011.


Airson liosta shlàn de na duaisean agus fiosrachadh air trèanadh, faic: www.filmg.co.uk/en/prizes.

Friday 16 September 2011

GRUNN STIÙIRICHEAN IS CHLEASAICHEAN AINMEIL NAN TAIC DO BHUIDHNEAN-OBRACH FILMG



Ann am buidhnean-obrach FilmG na bliadhna sa, bha oidean gu leòr deiseil air daoine a stiùireadh tron deireadh-seachdain. Oidean a th’ air obair air cuid de na prògraman Tbh as fheàrr a th’ ann an Alba, an leithid Eòrpa, Still Game, Chewin’ the Fat, The Culture Show agus Hamish MacBeth.

Ghabh na buidhnean-obrach àite ann an Sabhal Mòr Ostaig, san Eilean Sgitheanach thairis air Disathairne 27mh agus Didòmhnaich 28mh an Lùnastal le cothrom sgoinneil ga chur an tairgse còrr is 25 filmeadairean ùra sgilean deatamach ionnsachadh bho am fìor luchd-proifeiseanta.

















Thuirt Mìcheal Hines, a bha na stiùiriche air Still Game is River City: Tha e sgoinneil a bhith air ais an seo a’ toirt seachad na th’ agam de dh’eòlas do dh’iomadach duine. Tha e soilleir dhomhsa gu bheil FilmG a’ sìor fhàs nas treasa.”

Bha car ùr sa ghnothach oidhche Shathairne nuair a thàinig oidean còmhla gus sealladh a chlàradh air beulaibh nan com-pàirtichean. Thug an sàr leasan seo còmhla mòran de na sgilean a bhathar a’ teagasg sna seiseanan fa leth tron deireadh-seachdain, agus chuir seo an cèill suidheachadh nan rudan a bha com-pàirtichean air a bhith ag ionnsachadh.
















Thuirt Raonaid Cheanadach às a’ Bhac, Leòdhas, a tha air cùrsa cleasachd ann an Oilthigh Taobh Siar na h-Alba, ’s a bha a’ gabhail pàirt sna buidhnean-obrach: “Is e cothrom air leth a bh’ ann am FilmG a bhith ag ionnsachadh bho lìonra san robh iomadach duine dealasach, ealanta. Bha an t-àite fhèin cho brosnachail. Leis na h-uimhir de bhuidhnean-obrach a bha ann, dh’fhàgadh againn tòrr sgilean ùra, agus misneachd is spionnadh gus film a dhèanamh. Mholainn le m’ uile chridhe iad do dhuine sam bith.”

Tuesday 13 September 2011

Dè tha ‘Air an Stairsich’ a’ ciallachadh dhutsa?

’S e ‘Air an Stairsich’ cuspair FilmG am-bliadhna. Nar beachd-sa, ’s e deagh chuspair a tha seo airson do mhac-meanmna a phiobrachadh, agus freagarrach airson an dà chuid dràma agus aithriseachd.


Ach dè dìreach a tha ‘Air an Stairsich’ a’ ciallachadh dhutsa?
  • mar a tha gu litireil sa Bheurla, air leac an dorais?
  • an rathad, ge be dè cho fada, suas don taigh?
  • aig toiseach gnothaich no slighe ùir?
  • air iomall an t-saoghail?
Tha iomadh dòigh anns am faodadh tu mìneachadh a dhèanamh air ‘Air an Stairsich’ agus tha sinn airson ur beachdan uile fhaicinn ann am film goirid.


Carson nach toir thu sùil air an làrach-lìn airson tuilleadh bheachdan fhaighinn air cuspair FilmG.