Tuesday, 4 September 2012

Farpais Cuspair FilmG - Iomhaigh 3


Seo agad an iomhaigh mu dheireadh.

A bheil thu air sùil gheur a chumail air na h-iomhaighean?  Dè cuspair a th’ ann?
Cuir do bheachdan thugainn tro Facebook, Twitter no post-d gu fios@filmg.co.uk.
Cuimnich gu bheil an fharpais a' dùnadh aig meadhan oidhche air Diardaoin.

Monday, 3 September 2012

Farpais Cuspair FilmG! Iomhaigh 2


Seo agad an dàrna iomhaigh.

Dè an ceangal a tha eadar an dealbh a chunnaic thu air Diardaoin agus an dealbh seo? A bheil an cuspair agad fhathast?
Cuir do bheachdan thugainn tro Facebook, Twitter no post-d gu fios@filmg.co.uk.
Cumhnich gu bheil cothrom agad air iPad a bhuannachadh!


Thursday, 30 August 2012

Farpais Cuspair FilmG!


Dèan tomhais air cuspair FilmG agus faigh cothrom air iPad a bhuannachadh.
Tha FilmG air ais airson bliadhna eile ach mus tòisich an fharpais mhòr, tha dùbhlan againn dhut!
Dè dh’fheumas tu dèanamh?
Chì thu an seo a’ chiad dealbh a-mach a trì – seallaidh sinn an dàrna dhealbh dhut air Diluain agus an treasamh dealbh air Dimàirt.

Cuir do bheachdan thugainn tro Facebook, Twitter no post-d gu fios@filmg.co.uk. Bidh agad gus meadhan oidhche air Diardaoin 6 Sultain gus pàirt a ghabhail.
Thèid ainm a’ bhuannaiche a thaghadh à ad nam freagairtean ceart le neach neo-eisimileach air Dihaoine 7 Sultain.  Thèid cuspair FilmG 2013 fhoillseachadh Dihaoine cuideachd.
Siuthad, feuch air! Innse dhuinn dè tha an iomhaigh seo a' ciallachadh dhutsa?

Wednesday, 25 July 2012

Maoineachadh de £30,000 airson prògram trèanaidh nan sgoiltean aig FilmG


Victor MacConnell, Cathraiche MG ALBA Maggie Choineagan, Am Prìomh Mhinestear Alex Salmond, Seumas Mehan.


Bidh prògram trèanaidh nan sgoiltean aig FilmG airson na bliadhna-sa a’ tòiseachadh a dh’aithghearr is sin air sgàth an tabhartas maoineachaidh de £30,000 a fhuaras bho Riaghaltas na h-Alba, a thuilleadh air an  £20,000 a gheall Bòrd na Gàidhlig roimhe.  Thèid tòiseachadh air an t-sreath shoirbheachail de bhùthan-obrach fo stiùir Cànan a th’ air a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig air feadh Alba nuair a dh’fhosglas na sgoiltean an dèidh fòrladh an t-samhraidh.

Tha am pròiseact, a tha a-nis sa choigeamh bliadhna, air àrdachadh fhaicinn san àireamh de fhilmichean a tha daoine òga a’ cur a-steach gach bliadhna, agus ann an  2012/13 tha am prògram trèanaidh an dòchas brosnachadh a thoirt dha còrr air an 50 film a bha san roinn 12-17 an-uiridh.

Nì am maoineachadh de £50,000 cinnteach gum bi trèanadh FilmG inbheachdail is farsaing agus gun lean e gu bhith a’ leasachadh filmichean ùra brosnachail a thuilleadh air a bhith a’ misneachadh ginealach ùr de fhilmeadairean Gàidhlig.

Le bhith a’ cuimseachadh air Gàidhlig a chleachdadh ann an suidheachaidhean spòrsail is ùr-ghnàthach, gheibh daoine òga oideachadh ann an sgilean ùra tron chànan.  Bidh an trèanadh a’ gabhail a-steach gach taobh de riochdachadh airson pròiseactan dràma is aithriseach, nam measg leasachadh sgeulachd, sgriobtadh is sgilean cluiche a bharrachd air sgilean eagrachaidh agus ealantas teicnigeach. Togaidh FilmG cuideachd aire a thaobh slighean gu dreuchdan brosnachail dha luchd-labhairt òga na Gàidhlig air feadh na dùthcha.

Ma tha Gàidhlig agad, ’s thu eadar 12 is 17, agus airson gun tadhaladh FilmG air do sgoil nod bhuidheann-òigridh, rach chun an làraich-lìn againn aig  www.filmg.co.uk no cuir fios gu fios@filmg.co.uk

Monday, 16 July 2012

FILMG AGUS DUAISEAN NAN TRADS AIR AN AINMEACHADH AIRSON DUAISEAN TACHARTASAN NA H-ALBA 2012

Tha MG ALBA air fàilte a chur air an naidheachd gu bheil FilmG agus Duaisean nan Trads air an ainmeachadh ann an dà ghnè eadar-dhealaichte ann an Duaisean Tachartasan na h-Alba 2012, a chaidh fhoillseachadh air Diardaoin 12 Iuchar.


Chaidh FilmG ainmeachadh air geàrr-liosta mar an Tachartas Culturach as Fheàrr agus chaidh Duaisean nan Trads MG ALBA ainmeachadh mar an Tachartas Traidiseanta as Fheàrr. Tha seo a’ leantainn air an naidheachd gun deach Duaisean nan Trads MG ALBA ainmeachadh air geàrr-liosta airson Duaisean Ealain agus Gnìomhachas na h-Alba an t-seachdain seo chaidh.


‘S e FilmG am farpais airson filmichean goirid Gàidhlig aig MG ALBA, a tha air a lìbhrigeadh le Cànan às leth MG ALBA.


Michelle McManus (meadhan) le cuid den fheadhainn a bhuannaich

Thòisich an fharpais ann an 2008 agus tha còrr is 250 film air an cur a-steach bhon uair sin. Gheibhear tuilleadh fios mu FilmG agus na filmichean air www.filmg.co.uk

Duaisean Nan Trads MG ALBA 2011 ann am Peairt

Thòisich Na Trads ann an 2002 agus ’s e Hands up for Trad a tha ga chur air dòigh. Tha MG ALBA air a bhith na phrìomh chompanaidh ghoistidheachd air Na Trads bho 2008.


Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-oifigear MG ALBA: “Tha seachdain uabhasach soirbheachail air a bhith againne agus aig na buidhnean a tha ag obair air FilmG agus Na Trads. Tha sinn air leth toilichte leis an naidheachd mu Dhuaisean Tachartasan na h-Alba agus tha sinn a’ cur meal a naidheachd air Cànan agus Hands up for Trad airson an obair ionmholta a tha iad a’ dèanamh còmhla rinn airson ar cànan agus cultar a thoirt gu daoine sean agus òg tro cheòl is film ann an coimhearsnachdan air feadh Alba”.


Seo an ceathramh bliadhna airson Duaisean Tachartasan na h-Alba a tha air a ruith ann an co-bhanntachd le EventScotland agus thèid Duaisean 2012 a thoirt seachad ann an Glaschu air Diardaoin 6mh Sultain.

Thursday, 23 February 2012

MICHELLE MCMANUS NA PREASANTAIR AIG DUAISEAN NÀISEANTA FILMG

FAODAIDH AM MÒR-SHLUAGH TICEADAN DON CHUIRM FHAIGHINN A-NIS

Thèid cuirm duaisean FilmG a chumail le MG ALBA an ath-mhìos (9 Màrt 2012), ann an The Old Fruitmarket, Glaschu, agus i a’ taisbeanadh tàlant filmichean Gàidhlig na bliadhna.

Tha an tachartas seo air cliù a chosnadh ann am bliadhna nan gnìomhachasan cruthachail is craolaidh agus tha àireamh chuibhrichte de thiceadan ri fhaighinn a-nis a leigeas le daoine tachairt ri rionnagan telebhisean na h-Alba is muinntir a’ ghnìomhachais agus ri cuid a riochdairean is cleasaichean nam bliadhnaichean ri teachd.

Bidh aoighean sònraichte ann airson duaisean a thoirt seachad, a leithid an seinneadair is preasantair telebhisean, Michelle NicMhanais, a tha air tòiseachadh air Gàidhlig ionnsachadh on a rinn BBC ALBA prògram aithriseach ma deidhinn is a tha na ball de Chòisir Gàidhlig Baile Ghobhainn a-nis.

Cuide ri Michelle, bidh an cleasaiche is riochdaire, Tony Kearney, agus neach-aithris na sìde air STV, Sean Batty, a’ toirt dhuaisean seachad.

Bidh Fiona NicCoinnich, neach-aithris BBC ALBA, agus Sarah Cruickshank, neach-aithris na sìde air BBC Birmingham, nam mnathan an taighe a-rithist aig cuirm na bliadhna sa mar a rinn iad an-uiridh.

Bidh an neach-aithris telebhisein, Anna Mhoireasdan, a’ toirt dà dhuais seachad ann an roinn nan inbheach, cuide ri dithis à Dè a-nis?, Siobhan NicAonghais is Derek Mac an Tòisich, a bheir duaisean seachad ann an co-fharpais 12-17.

A thuilleadh air na preasantairean sònraichte, cuiridh an còmhlan sgoinneil traidiseanta/ùr-nodha, ‘Donald MacDonald & the Islands’, an oidhche air chois leis an òran aca, ‘Blown Away’ agus bidh iad gar cumail ann an deagh shunnd air feadh na cuirme.

Bu mhòr am beud nan cailleadh sibh an oidhche sa. Tha ticeadan ri fhaotainn a-nis do na ciad daoine a bhios gan iarraidh, mar sin, cuiribh fios gu Katie.macleod@mgalba.com ma tha sibh ag iarraidh thiceadan airson na cuirme cliùitich seo.

Thursday, 2 February 2012

GEÀRR-LIOSTA CO-FHARPAIS NÀISEANTA FILMICHEAN GÀIDHLIG GA FHOILLSEACHADH

Tha FilmG, co-fharpais nàiseanta filmichean goirid Gàidhlig aig MG ALBA, air geàrr-liosta nam filmichean fhoillseachadh, a thèid air adhart do chuirm nan duaisean an ath mhìos ann an Old Fruitmarket, Glaschu. An dèidh 76 filmichean (an àireamh as motha) fhaighinn às Alba air fad agus nas fhaide air falbh, bha obair dhoirbh ann do na britheamhan a' taghadh na feadhna as fheàrr anns gach roinn. Am measg nam britheamhan, bha luchd-gnìomha BBC ALBA agus eòlaichean film is telebhisein a leithid Chris Young, na riochdaire air an fhilm, 'The Inbetweeners' agus Tony Kearney a bha na chleasaiche ann an 'River City' is a tha a-nis na riochdaire/stiùiriche.

Thug na filmichean ann an roinn 12-17 gu sònraichte buaidh mhòr air na britheamhan agus thuirt an riochdaire, Mòrag Stiùbhart: “Bha e air leth doirbh dhuinn a bhith a' taghadh ceithir filmichean a-mhàin anns gach roinn, gu h-àraid on a bha an uiread sin de fhilmichean, agus air sàilleabh 's gu bheil mi air obair a dhèanamh air pròiseactan sna meadhanan cuide ri mòran de na sgoiltean, tha fhios agam na bha an sàs ann a bhith a' dèanamh nam filmichean. Bidh cuirm nan duaisean am bliadhna glè tharraingeach on a tha filmichean air leth anns gach roinn,”

Thuirt ceannard MG ALBA, Dòmhnall Caimbeul: “Tha co-fharpais na bliadhna sa air mòran toileachais a thoirt dhuinn on a fhuair sinn an àireamh a bu mhotha de fhilmichean agus filmichean math agus cruthachail air cuspair na bliadhna sa 'Air an Stairsnich'.
“Tha e air leth brosnachail gu bheil sean is òg a' cur a-steach don cho-fharpais, Gàidheil is luchd-ionnsachaidh, ann an Alba agus nas fhaide air falbh, agus bu mhath leinn iarraidh air daoine an cuid taic a thoirt do mhuinntir a' gheàrr-liosta le bhith a' coimhead nam filmichean air-loidhne.”
Tha a h-uile film a chaidh a chur a-steach dha FilmG am bliadhna agus filmichean a' gheàrr-liosta ri fhaicinn air làrach-lìn FilmG aig www.filmg.co.uk

Thèid cuirm chliùiteach nan duaisean a chumail ann an Old Fruitmarket, Glaschu, Dihaoine 9 Màrt, far am bi an còmhlan ùr sgoinneil 'Donald MacDonald & the Islands' a' cluich agus aoighean sònraichte ann airson na duaisean a thoirt seachad.